Skip to content

Mu dheidhinn Lasadh

Picture of a flame character

Chaidh Lasadh bho Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig a chur air bonn bho smuain a bha aig Màiri NicDhòmhnaill is Gwen Culbertson às dèidh coinneachadh gus bruidhinn mu ghoireasan cànain Gàidhlig.  Tha eòlas againn air teagasg aig gach ìre sa bhun-sgoil, riaghladh na bun-sgoile agus na diofar uireasbhaidhean is dhuilgheadasan a tha ro luchd-teagaisg, gu h-àraid a thaobh goireasan cànain. Às a seo, thàinig an smuain mu Lasadh!

’S e prìomh amas na làraich gum faigheamaid gach nì a dh’fheumas sinn airson ionnsachadh is teagasg cànain bho na tràth ìrean chun na dàrna h-ìre de CfE.  Tha an làrach ann an ochd pìosan mar a bhiodh dùil: sgrìobhadh, èisteachd & labhairt, eòlas air sgrìobhadh, fonaigs, litreachadh, leughadh agus deuchainnean beaga a tha co-cheangailte ris a’ chuid mhòr dhe na cuspairean sin.

Cho-dhùin sinn gum biodh e na b’ fheàrr nam biodh na goireasan freagarrach do dh’iomadh ìre leis gu bheil ioma-ìre anns a’ mhòr-chuid de chlasaichean Gàidhlig sna bun-sgoiltean. me C1/2 no fiù ’s C1-4 no barrachd; is glè thric thèid an aon ghnìomh a theagasg ach le sgaradh eadar na diofar ìrean ionnsachaidh.

Aig àm seo, tha sinn air goireasan a chruinneachadh agus a chruthachadh a dh’iarras air clann a bhith a’ gluasad, ag obair ann am buidhnean de dhithis is de thriùir.  Thèid tòrr dhe na goireasan a chleachdadh ann an iomadh dòigh; le clas slàn no le duine no dithis aig an Smartboard.  Thèid cuid de na goireasan a phriontadh is thèid an cleachdadh mar mheasadh, no fiù ’s airson obair-dachaigh!   Chì sibh gu bheil beachdan air mar a chleachdas sibh na goireasan an lùib gach cuspair.

Tha sinn an làn dùil gum bi Lasadh na thaic dhan a h-uile duine a chleachdas e is gum fàs an làrach le ur taic agus ur beachdan san àm ri teachd. Ma tha goireasan agaibh fhèin a tha sibh deònach a chur thugainn, bhiodh e math cluinntinn bhuaibh aig oifis@storlann.co.uk

Stòrlann

Mu dheidhinn Lasadh
Mu dheidhinn Lasadh
Mu dheidhinn Lasadh