Làmh-sgrìobhaidh

Tha sinne a’ cleachdadh dòigh cursive airson làmh-sgrìobhadh a theagasg bho chlas 1. Leis a sin, tha an stoidhle font a chì sibh air feadh nan geamannan is na goireasan air an làraich uile ann an stoidhle a thèid le cursive. Tha mòran aig an fhìor thoiseach mu mhion-sgilean nan sgoilearan a leasachadh is bho sin a-mach leasachadh air na sgilean làmh-sgrìobhaidh aca. Thèid tòrr dhiubh seo a chleachdadh ann an iomadh dòigh anns a’ chlas.
FACTARAIDH NAM FUAIMEAN
Gabhaidh CDan Factaraidh nam Fuaimean 1-3 a luchdachadh a-nuas ann an cruth faidhlichean CD-rom an seo.
Tha na faidhlichean air an gleidheadh ann am foldair ZIP airson ’s nach bi iad cho mòr ’s mar sin feumaidh sibh am fuasgladh a’ cleachdadh WinZip no inneal siostaim freagarrach eile.