Bha Coinneachd bochd a’ fulang tòrr san sgoil oir bha cuid dhe na balaich as sine a’ gabhail brath air. An dùil cò ris a bhruidhneadh e oir cha robh e furasta dha nì dhen t-seòrsa seo innse dha phàrantan? Cò riamh a smaoinich gum biodh cait cho math air èisteachd ’s air cuideachadh a thoirt seachad?
Tha làithean-saora san Eadailt a’ toirt a-steach iomadh nì air dithis a th’ air chuairt.
Cha toigh le Pàdraig an sgoil – tha e mòran nas toilichte a’ siubhal nan cladaichean. Aon latha cha deach e don sgoil agus lorg e cuilean-ròin air a’ chladach agus e leònte. Bha e a’ dol a dh’iarraidh biadh dhan chuilean nuair a chunnaic e iasgair le cù shìos air a’ chladach. Dè thachradh nan lorgadh iad an cuilean-ròin?
Nach iongantach am feum a nì e ma sgrìobhas tu sìos cuid dhe na rudan a bhios a’ dèanamh dragh dhut. Sin a rinn Anna agus i mì-dhòigheil san sgoil. Ach fhuair i a-mach gu bheil e a’ dèanamh eadhon barrachd feum ma dh’innseas tu aig an taigh mud thrioblaidean …
Tha dragh air Blake. ‘S esan an cluicheadair as fhèarr san sgioba ionadail aige, ach chan urrainn dha mhàthair màl an taighe aca a phàigheadh ‘s tha a h-uile coltas gum bi aca ri gluasad. Nuair a tha Blake a’ coinneachadh ri srainnsear a tha a’ toirt cothrom dha air airgead, chan eil fhios aige dè nì e.
Nach iomadh nì iongantach a thachras nuair a thèid neach air turas-inntinn! Faodaidh tu dhol timcheall nam planaidean agus fiù a’ ghealach a’ ruighinn. Sin mar a thachair dha Seoc … agus bha e cuideachd a’ smaoineachadh air a’ chlann-nighinn bhrèagha a bha sa chlas aige …
Chan urrainn duine Banana Mhotzart a cheannsachadh. Dh’fhàillich fiù ’s air Sammy Foster a tha os cionn na sgoile, na bheachd fhèin. Tha Banana Mhotzart dìreach cho craicte.
Am faca tu riamh Bonna-breac? Am faca tu nad chadal no nad dhùisg dealan-dè meatailt a’ sgèith ann an solas na grèine? An do dh’fheuch thu a ghlacadh airson a ghlèidheadh agad fhèin? Gheibh thu a-mach san dealbh-chluich seo ciamar a shoirbhicheas le na Coisichean òga a dh’fheuchas ri sin a dhèanamh.
’S e balach tapaidh a th’ ann an Tòmas .
Cha robh san amharc aige a-riamh ach obrachadh gu cruaidh san sgoil, na deuchainnean aige a phasaigeadh, agus gabhail dhan arm.
Cha do leig e seachad an t-srì, fiù ’s nuair a rugadh triùir pheathraichean a chuir a bheatha aig an taigh bun-os-cionn.
Ach nuair a thig dunaidh air latha nan deuchainn, feumaidh Tòmas smaoineachadh air plana. Gu luath. Agus ’s e an rud as tapaidhe a rinn e riamh a bhios ann!
Tha Dihaoine iongantach aig Lenny, ri miastadh anns an sgoil.
Tha e a’ miannachadh gur e Dihaoine a bhiodh ann gu bràth.
Nuair a dh’ùisgeas e an ath mhadainn, ’s e Dihaoine a th’ ann a-rithist … agus a-rithist … agus a-rithist.
Am faigh Lenny a-mach às?
Tha Seumas agus Fiona air tighinn a Bheinn a Bhaoghla air an saor-làithean. Nuair a tha iad air an rathad à Loch Baghasdal tha iad a’ faicinn càr dearg a’ tionndadh suas gu stèisean an Airm aig Ruaidheabhal. An ath mhadainn tha iad a’ cluinntinn air an rèidio gun deach pàipearan dìomhair a ghoid à Ruaidheabhal. Tha Seumas agus Fiona agus an co-òghaichean Iain agus Sìleas a’ cur romhpa gun lorg iad an càr dearg. Ach tha iad a’ lorg barrachd air a sin.
Tha Dòchas an t-Samhraidh stèidhte air a’ chàirdeas a tha a’ fàs eadar dà cho-ogha ’s uamhasan a’ chogaidh air an dithis a thoirt còmhla air eilean beag, sàmhach.
Bha hèill a’ tighinn don bhaile. B’ ann air Fiona a bha am fadachd gus am faigheadh i air a’ chromadair mhòir. Ach dè bu choireach gur ann an àite mì-thlachdmhòr, am measg bheathaichean a fhuair i i fhèin? Ciamar a bha i dol a dh’fhaighinn às àite far an robh a h-uile beathach fo gheasaibh?
’S e co-là-breith Rebecah a bha ann. Fhuair i bileag pàipeir bho Ghranaidh Dhùn Èidinn a’ toirt cead dhi peata dha toil a cheannach ann am bùth pheataichean. Cheannaich i coineanach air an tug i Ebonaidh ach cò às a thàinig Ìbhoraidh?
Bha dùil gun deigheadh cuaraidh a thogail air Eilean na Nathraichean ged a bha buaidh gu bhith aig an sin air na h-eòin agus air an tìr. Bha a h-uile càil a’ dol gu math ach cha do smaoinich duine air dè beachd na cloinne, Turar an cangarù, no air na nathraichean fhèin.
Tha ceud cabhag air Mia agus Zac an geama Gameboy a lorg iad sa chanàl fheuchainn. Ach dòigh air choreigin, sùghaidh an geama iad a-steach gu saoghal eile – agus sgaraidh e iad! An urrainn Mia Zac a lorg, agus an urrainn dhaibh obrachadh còmhla gus teicheadh – no an e Geama Seachad a bhios ann?
Dh’fhàg Musaidh agus athair an dùthaich aca gus faighinn air falbh bho chogadh uabhasach. A-nis feumaidh Musaidh faighinn air falbh bho bhurraidhean gach latha. Ach an uair sin thèid a shùghadh a-steach dhan gheama Gameboy ùr aige! An urrainn Musaidh aghaidh a chur air na rudan a bhios a’ cur eagal air – no an e Geama Seachad a bhios ann?
Tha iad air a dhol leth ri Sam.
Uair sam bith a gheibh e grèim air cnap crèadha, nì e luchrabain. Dusain is dusain de luchrabain.
Gu h-annasach, cha toigh le Sam luchrabain a bhith san rùm aige. Le sin, tha iad air an cròthadh còmhla a-muigh san t-seada.
Ach gu h-obann, tha feum aig a mhàthair air an àite sin agus tha i ag ràdh gum feum na luchrabain falbh. Le sin, tha Sam a’ cur cuirm air dòigh gus beannachd fhàgail aig na caraidean beaga crèadha aige – cuirm nach dìochuimhnich an teaghlach gu bràth!
Abair gun robh làithean-saora inntinneach aig Oighrig Anna agus Eachann. Bha luchd-turais agus sgioba telebhisein air a thighinn don àite ’s bha gu leòr a’ tachairt. Ach cha robh càil a dhùil aca gun cuireadh iad seachad ùine ann am prìosan a’ ghaisgich.
Tha Ruairidh anns na h-Eileanan air na saor-làithean às a’ bhaile mhòr. Tha e fhèin agus Iain, co-ogha dha a’ dol cuairt sìos am machaire ’s iad a’ feitheamh gus am bi an seanair deiseil airson an toirt a dh’iasgach. Tha iad a’ leigeil an anail aig cnoc beag faisg air a’ chladh. An uair sin tha iad a’ cluinntinn fuaim. An e sìthichean a th’ ann? Ach mus fhaigh na gillean air teicheadh tha làmhan làidir a’ faighinn greim orra…
An uair a bhuail an clag aig leth-uair an deidh meadhan-latha b’ e Seòras a bh’ air a dhòigh. Cha bhitheadh e a’ tilleadh dhan sgoil seo tuilleadh. An uair a bhitheadh na làithean-saora seachad bhitheadh e a’ dol dhan àrd-sgoil ann an Steòrnabhagh a bha mu fhichead mìle air falbh. Ach ron sin bha faisg air seachd seachdainean de làithean-saora ann.
Tha paidhtean aig Iain ach chan eil smachd aige air! Tha am paidhtean air teicheadh. Tha e ma sgaoil san sgoil agus ’s e coire Iain a th’ ann! An lorg e e mus tèid cùisean buileach troimh-a-chèile?
’S e duine greannach a bha ann an Raghnall Ruadh. Dh’adhbharaich seo gun robh e air a dhol a-mach air a’ chuid bu mhotha de mhuinntir Ghearraidh Ghrinn. Aon latha ’s e a’ dol a-mach a dh’iasgach cò a bha a’ feitheamh ris air an Sgeir Bhàn ach Mara, Bànrgh nan Ròn. Saoil dè bha i ag iarraidh le Raghnall Ruadh?
’S e seo an treas leabhar anns an t-sreath mu Sheumas agus Fiona a bhios a’ cur seachad an làithean-saora samhraidh ann am Beinn na Fadhla. Tha iad a’ cur romhpa fhèin a dhol a choiseachd nan seachd mile eadar An Àird agus Roisinis. Ach ’s e a tha a’ tachairt ris a’ chloinn ach gu bheil iad a’ tighinn air stuthan mì-laghail agus daoine grànda a tha a’ feuchainn rin toirt a thaobh agus an cur fo ghrèim. Tha a’ chlann le eagal am beatha agus gun fhio am faigh iad às…
Reubairean Roisinis
Chaidh Dòmhnall a dh’fhuireach còmhla ri sheanmhair fhads a bha a mhàthair air turas an Inbhir Nis. Bha a sheanmhair a’ fàs dì-chuimhneach agus a’ dèanamh rudan annasach. Fhuair Dòmhnall dòigh air cuideachadh a thoirt dhi.
Tha Seòras an luch glè dhòigheil agus àite beag falaich aige dha fhèin am broinn a’ ghleoca. Bha sin gus an tàinig Oilidh ro na ghabh e eagal a bheatha. Cha robh e cho furasta an uair sin a bhith a’ falach anns a’ ghleoca agus cha robh air ach teicheadh a-mach dhan t-saoghal mhòr far an robh daoine le brògan mòra fuaimeil agus iomadh rud eagalach eile.
Ged a bha Scott agus Calum an càirdeas, cha robh iad idir coltach ri chèile. Bha gràin aig Scott air Calum an toiseach, ach fhuair iad eòlas agus tuigse na b’ fheàrr air a chèile air cuairtean iongantach a’ siubhal tro thìm agus a’ coinneachadh ri James Bond, Jackie Stiùbhart is daoine ainmeil eile.